Gàidhlig

We are committed to the promotion and future growth of Gaelic education, language and cultural activities.

Language and literacy are of personal, social and economic importance. Our ability to use language lies at the centre of the development and expression of our emotions, our thinking, our learning and our sense of personal identity. Language is itself a key aspect of our culture. Through language, children and young people can gain access to the literary heritage of humanity and develop their appreciation of the richness and breadth of Scotland’s literary heritage.

Children come to Gàidhlig education from a wide variety of backgrounds. These vary from a household within a strong Gàidhlig speaking community to an environment where no Gàidhlig is spoken. Whatever the circumstances, parents’ desire to have Gàidhlig speaking bilingual children is often equally strong.

At Tobermory High School, we would like all pupils, parents and staff to be proud of the language and to work together to ensure it continues to develop in many different ways.

We offer Gàidhlig as a subject from S1-6, and strive to offer our pupils opportunities to use Gaelic in other areas and contexts, such as IDL, Gaelic Week, the Mòd, FilmG, Gaelic plays at the Drama Festival, partnership working with CnaG and school assemblies.

Mull & Iona Gaelic Partnership also organise different events for our Gaelic pupils, with funding from Bòrd na Gàidhlig, such as days with Spòrs Gàidhlig, drama workshops, and a trip to Ireland.

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi adhartachadh agus fàs ann airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, an cànan Gàidhlig agus gnìomhan culturach.

Tha cànan agus litearrachd cudromach gu pearsanta, gu sòisealta agus a thaobh na h-eaconamaidh. Tha ar comas air cànan a chleachdadh aig teis-meadhan mar a tha sinn a’ toirt air adhart agus a’ cur an cèill ar faireachdainnean, ar smaoineachadh, ar n-ionnsachadh agus an ìomhaigh a tha againn dhinn fhìn. Tha cànan na phrìomh phàirt de ar cultar. Tro chànan, ’s urrainn dhan chloinn agus do dhaoine òga faighinn gu dualchas litreachais a’ chinne-daonna agus tuigse fhaighinn air beairteas agus farsaingeachd dualchas litreachais na h-Alba.

Tha clann a’ tighinn gu foghlam Gàidhlig bho mheasgachadh farsaing de shuidheachaidhean – bho theaghlaichean ann an coimhearsnachdan làidir Gàidhlig gu suidheachaidhean far nach eil Gàidhlig ga bruidhinn idir. Ge be dè an suidheachadh, tha iarrtas phàrantan gum bi an clann dà-chànanach a cheart cho làidir mar as trice.

Aig Àrd-sgoil Thobar Mhoire, tha sinn airson gum bi gach sgoilear, pàrant agus neach-obrach moiteil às a’ chànan, agus tha sinn an dòchas gun obraich iad còmhla airson dèanamh cinnteach gum bi adhartas ann san àm ri teachd.

Tha sinn a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair bho AS1 gu AS6, agus tha sinn cuideachd a’ feuchainn ri cothroman a bharrachd a lorg airson Gàidhlig a chleachdadh, a leithid ionnsachadh eadar-chuspaireil, Seachdain na Gàidhlig, a’ Mhòd, FilmG, CnaG, Fèis Dhràma agus tionalan-sgoile.

Bidh Co-Roinn Ghàidhlig Mhuile agus Idhe cuideachd a’ cur air dòigh diofar thachartasan airson na sgoilearan Gàidhlig againn, le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig, leithid làithean le Spòrs Gàidhlig, bùthan-obrach dràma, agus turas a dh’Eirinn.

Respect, Resilience, Confidence, Collaboration and Creativity